View
12
Download
0
Category
Preview:
Citation preview
*S8717611*©
H TeisteanaisNàiseantaEISIMPLEIR A-MHÀIN
Comharran gu lèir — 100
ROINN 1 — ÀRAINNEACHDAN FIOSAIGEACH — 50 comharra
Feuch na ceistean UILE.
ROINN 2 — ÀRAINNEACHDAN DAONNA — 50 comharra
Feuch na ceistean UILE.
Thèid creideas a thoirt dhut airson mapaichean agus diagraman air a bheil ainmean iomchaidh.
Sgrìobh do fhreagairtean gu soilleir ann an leabhran nam freagairtean. Ann an leabhran nam freagairtean feumaidh tu àireamh na ceiste a tha thu a’ freagairt a chomharrachadh gu soilleir.
Cleachd inc gorm no dubh.
Mus fàg thu seòmar nan deuchainnean, feumaidh tu leabhran nam freagairtean a thoirt don Fhreiceadan; mura dèan thu sin, dh’fhaodadh tu na comharran gu lèir airson a’ phàipeir a chall.
S871/76/11 Cruinn-eòlasÀrainneachdan Fiosaigeach agus
DaonnaDeit — Gun bhuinteanas
Ùine — 1 uair agus 50 mionaid
duilleag 02
COMHARRAN
Roinn 1— Àrainneachdan Fiosaigeach — 50 comharra
Feuch na ceistean UILE.
Ceist 1
Diagram C1: Lùb-aibhne air Abhainn Chluaidh
Thoir sùil air Diagram C1.
Sa bhitheantas lorgar lùban-aibhne air cùrsa meadhain agus air cùrsa iochdrach aibhnichean.
Mìnich mar a thèid lùb-aibhne a chruthachadh.
Faodaidh tu diagram(an) leubailte a chleachdadh. 8
duilleag 03
COMHARRAN
Ceist 2
Diagram C2: Haidreagraf a’ sealltainn tuil air Abhainn Bocastle, 16 Lùnastal 2004
06:0
007
:00
08:0
009
:00
10:0
011
:00
12:0
013
:00
14:0
015
:00
16:0
017
:00
18:0
019
:00
20:0
021
:00
22:0
0
120
100
80
60
40
20
0
1614121086420
Uair
Sileadh
Silteach
Sile
adh
(mm
)
Silt
each
(cu
mec
s)
Dèan sgrùdadh air Diagram C2.
Airson Abhainn Valency aig Bocastle air 16 Lùnastal 2004:
(a) thoir cunntas air atharraichean ann an silteach agus
(b) thoir adhbharan airson nan atharraichean sin. 10
duilleag 04
COMHARRAN
Ceist 3
Tarraing slios-shealladh làn-leubailte a sheallas prìomh fheartan podsol (a’ gabhail a-steach fhilltean, dath, dèanamh agus drèanadh), agus fàs-bheatha cho-cheangailte.
Ceist 4
Diagram C4: Loch-riobain
Thoir sùil air Diagram C4.
Tha lochan-riobain gu math cumanta ann am mòran chruthan-tìre àrd-thìre èighichte.
Mìnich ciamar a thèid loch-riobain a chruthachadh.
Faodaidh tu diagram(an) leubailte a chleachdadh.
8
10
duilleag 05
COMHARRAN
Ceist 5
Diagram C5A: An Sòn Co-aomaidh Eadar-thropaigeach (ITCZ)
AM FAOILLEACH
ITCZ
Tropaigeach Cuantach Tropaigeach Mòr-thìreach
CUAN TÌR
X Y5 T 10 T 15 T 20 T
Diagram C5B: Suidheachadh roinn X–Y
1000 km
T
Y
XAFRAGA
An sgìre ga sealltainn ann an diagram C5C
IUCHAIR
Dèan sgrùdadh air Diagraman C5A and C5B.
(a) Thoir cunntas air tùs agus feartan nan tomadan èadhair tropaigeach cuantach agus tropaigeach mòr-thìreach. 6
duilleag 06
COMHARRAN
Ceist 5 (a’ leantainn)
Diagram C5C Afraga an Iar — uisge cuibheasach bliadhnail (mm)
•
•
•
20° T
10° T
T
500 km
IUCHAIR 1000 Loidhnichean-silidh a’ sealltainnuisge cuibheasach bliadhnail (mm)
NIORO
OUAGADOUGOU
ABIDJAN140018002200
140018002200
200
600
1000
0
Diagram C5D: Afraga an Iar — Taghadh de ghrafaichean-uisge
0
100
200
300
400
Ouagadougou
0
100
200
300
400
Nioro
0
100
200
300
400
Abidjan
Sile
adh
(mm
)
F G M G C O I L S D S D
Sile
adh
(mm
)
Sile
adh
(mm
)
F G M G C O I L S D S D F G M G C O I L S D S D
(b) Dèan sgrùdadh air diagraman C5A, C5B, C5C agus C5D.
A’ toirt iomradh air suidheachadh an ITCZ:
(i) thoir cunntas air mar a bhios am pàtran silidh ag atharrachadh mar as fhaide a-steach dhan tìr a ghluaiseas tu às Abidjan gu Nioro agus
(ii) thoir adhbharan airson nan atharraichean sin. 8
duilleag 07
COMHARRAN
Roinn 2 — ÀRAINNEACHDAN DAONNA — 50 COMHARRA
Feuch na ceistean UILE.
Ceist 6
Diagram C6: Dealbh de Shlum Dharavi, Mumbai, Na h-Innseachan
Thoir sùil air Diagram C6.
Tha grad-bhailteachadh ann am bailtean-mòra san t-saoghal leasachail air iomadh trioblaid taigheadais adhbharachadh.
Ag ainmeachadh baile-mòr san t-saoghal leasachail a sgrùd thu:
(a) beachdaich air na trioblaidean àrainneachdail agus sòcio-eaconomaigeach a tha co-cheangailte ri taigheadas ann am bailtean seantaidh.
(b) mìnich ro-innleachdan a bhios gan cleachdadh gus dèiligeadh ri na trioblaidean sin.
6
8
duilleag 08
COMHARRAN
Ceist 7
Tha mòran sgìrean eighichte agus oirthireach sa bheil luchd-cleachdaidh fearainn a dh’fhaodadh còmhstri adhbharachadh.
A’ toirt iomradh air àrd-thìr eighichte no sgìre oirthireach a sgrùd thu:
(a) mìnich na ro-innleachdan a thathas a’ cleachdadh gus dèiligeadh ri na còmhstrithean sin agus
(b) thoir beachd air èifeachdas nan ro-innleachdan sin.
Ceist 8
San t-Samhain 2013, thug cathraiche Coimisein Àireamh-sluaigh Nàiseanta Nigeria suas an dreuchd an dèidh ceist a thogail mu cho ceart ‘s a bha an dàta a chaidh a thional air àireamh-sluaigh na dùthcha.
(a) Beachdaich air mar a bhios dùthchannan a’ tional dàta ceart air àireamh-sluaigh.
(b) A’ toirt iomradh air na dùthchannan a sgrùd thu fhèin mìnich ciamar a bhios e doirbh fiosrachadh ceart air àireamh-sluaigh a thional ann an dùthchannan leasachail.
10
6
12
duilleag 09
COMHARRAN
Ceist 9
Ro-mheasadh air atharrachadh àireamh-sluaigh na h-Alba 2018–2038
100
90
80
70
60
50
40
30
20
10
0
-10 0-15 16-29 30-44 45-59 60-74 75+
Atha
rrac
hadh
sa
cheu
d ( %
)
Aois
Dèan sgrùdadh air Diagram C9.
(a) Thoir cunntas air na h-atharraichean ris a bheilear an dùil air structar àireamh-sluaigh na h-Alba agus
(b) beachdaich air trioblaidean a dh’fhaodadh a bhith an cois nan atharraichean sin.
[CRÌOCH A’ PHAIPEIR EISIMPLEIR]
8
Buidheachas airson dlighe-sgrìobhaidh
Diagram C1 Lùb-aibhne air Abhainn Chluaidh le Colin Inverarity © Colin Inverarity agus fo cheadachas creativecommons.org./licenses/by-sa.2.0.
Diagram C4 Dealbh de Loch-Riobain air a thoirt à
http://wicklowcountywalks.com/images2/glendalough/3glendalough/hd/ DSCN3904.JPG.
Diagram C6 gary yim/Shutterstock.com
Recommended