8
VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OCTOBER 17, 1896. No. 15 Cuairt do Eilean a' Phrionnsa. LEIS AN FHEAR-DHEASACHAIDH. Sguir sinn aig Caolas Chanso, agus far 'n do sguir sinn, t6isichidh sinn. Tha dha no tri de bhailtean beaga air fas suas mu'n cbaolas, agus tha iad a' deanauih am beolaind air a mhalairt a tha na soithichean a' buil- eachadh orra, agus air an iasgach. Tha Hawkesbury agus Hastings air taobh Cheap ] rsatuinn, agus Mulgrave air taobh Nobha Scotia. 'Satin aig a bhaile blieag sin a tha sinn a dol air tir, agus tha 'n t-each-iaruinn an sin a feitheamh ruinn. Tha e air a shuidheachadh aig bonn beinne, agus 'si sin a bheinn chas. Cha'n eil doigh air direadh o'n lainihrig dh' ionnsuidh an aite 'sa bheil na storaicheau aoh air ceumaunan staidhir, 'se sin mur eil thu deonach a dhol astar mor timchioll. Tha aig an each-iaruinn fhein, ged is math anghadh, ri falbh o'n cfaala 'n co tihair a chuil gus a' bheil e nm leth-mhile niacr, ;igus an sin tha e gabhail air fiaradh na beiune.agus air an doigli nitHt&uigheaci iu a mullaich. Gun an car a thoirt aisde mar sin cha 'n fhaigheadh e thairis oirre am i'easda. Ach fhuair e thairis an lath' ud mar a limine iomadh latha roimhe, agus sinne air a shiubhal. Bhn sinn a nise air tri mor, agus a falbh cho luath 'sa dh'fhao- dainaid, Cha'n eil an rathad eadar Mul- grave us Antigonish idir cho socair ri rathad Cheap i>'reatunn. 7iidh na carbadan a tulgadh a null 'sa nail air doigh nach fhaicear ach gann air au taobh so dhe'n chaol idir. An deigh Mulgrave , hagail tha 'n carbad a' ruith troimh choille agus troimh fhearann ereag.ich, clachd. Ach an deigh fearainn bhriagha, dhuthaich mhath, far am i'aicear fearainu bhriagha, air an deagh obrachadh, agus far am bheil na tuathanaich a reir gach colthais, gle chothromach. Bho nach robli mis' eolacb, cha robh aon aite dhomh ach mar a bha 'n t-ait eile, agus cha do ghabh mi moran beachd orra, agus mar sin cha'n urrainn domh a bheag a radh mu'n ieibhinn. Bha aite no dha mu'n d'rainig sinn New Glasgow anns am b'fhior thoigh learn taghal na'n ceadaicheadh uine dhomh sin a dheanamh. 'S e aite dhiu sin an Amhuinn a Deas far a bheil mo charaid, Alasdairau Ilidse,'fuireach' duine nach fhaca mi riamh, ach o'n cuala mi-fhin agus leughadairean MHIC-TALLA gu math trice, agus duine tha fhios agam a dhcanadh beatha Gaidheal sam bith a ruig- eadh a Ait eile aims am b'e mo mhiann beagan uine chur seichad, Antigonish. Tha 'n rathad-iaruinn a dol seachad ri taobh a bhaile sin, ach cha'n fhaighear sealladh coir sain bith air bhar a charbaid; tha e air a thogstil air aite cho iseal's cho cdmhnard 's gur gann"a chithear idir e. Tha idsan a tha e61ach air ag radh gur a baile b6idheach e agus ma tha chuid nach fhaca mise dheth cho boidheach ris na chunuaic mi, tha iad ag radh na firinn. Bu toigh lean cuideachd taghal aig Amhuinn Bharnaidh, far 'n do' chuir arn Bard Mac-Gilleain seachad aireamh bhliadhnaichean an deigh dha tighinn thar cuain, agus far an d'rinn e 'n t-oran tiamh- aidh, muladach, "a Choille Ghruamach," anns 'n do chuir e 'n ceil do'n t-saoghal mar a fhuair e America. ",Cha'n ioghnadh dhomhsa ged tha mi brinaeh, S an.! oiia mo ehomhnuidh air chill nam baann; Am meadhon fasaich air Abhainn Bharnaidh Gun dad a's fhearr ma'm buntata loin: Mu'n dean mi aiteacl. 's mu'u tog mi barr ami, 'S a choille ghabhaidh chur as a bo mi iSfeacaVi. i>'ic gikiiiidtii., gU'iii \A '>• iCTaicht', Is treis' air failinn muin fas a' clilafiii." Gur h-iomadh caochladh 'tighmn air an t-saoghal, 'S ro-beag a shaoil mi 'nuair bha mi thall; Bu bheachd dhomh 'n uair sin mu'n d'rinn mi gluasad, Gu fasainn uasal 'nuair tliiginn ami: An ear a fhuair mi cha b' ami gu m' bhuaniiaehd, Tigh'nn thar a' ehuain air a' ehuairt bha meallt' Do thir nan craobh aims naoh eil an t.saorsainn, Gun mhart, gun ehaora, 's mi dh'aodach gann." Ach's mor an t-atharrachadh a thainig air an duthaich o'n uair sin. Cha 'n urrainnear le firinn, tir nan craobh a radh rithe tuill- eadh. Tha choille ghibhaidh air a cur as a bonn agus 'na h-aite tha fiar us barr a fas o bhliadhna gu bliadhna, agus crodh us caor- aich us eich ag ionaltradh far nach faighte an uair ud ach mathain us cait-fhiadhaich. Tha an diugh rathaidean-mora, air am faigh- ear siubhal gu socair aim an carbad, agus eadhou an rathad iaruinn, far nach robh 'san am ud ach ceum rathaid troimh 'n choille. 'S mor an t-atharrachadh a bheir uine agus obair chruaidh air aghaidh duthcha. Ach ged a b'e mo mhiann-sa stad anns na li- ft aiteachan so, cha robh math dhomh a dhean- amh, agus lean mi air adhart. Beagan an deigh naodh uairean rainig sinn New Glas- gow, agus an sin rmn an carbad dail fhichead mionaid air son cothrom a thoirt dhuinn ar suipeir a ghabhail. An deigh sin chaidh sinu air adhart gu Stellarton, far am b' f'heudar dhuinn an carbad fhagail agus a dhol air carbad eile gus ar giulan gu Pictou. Rainig sinn am baile sin mil leth-uair an deigh deich, agus air dhuinn a bhi car sgith ghabh sinn mu thamh air son na h- oidhche. An ath latha thug rni fhin 's mo chompanach sgriob mu'n cuairt a choimh- ead a bhaile, agus mu dha uair feasgar chaidh sinn air bord an St. Lawrence, am bata-smuide bha gu ar giulan gu Eilean a' Phrionnsa. Bha an latha briagh ciuin, agus 'nuair a tharruinn sinn a mach o'n laimhrig bha 'n t-uisge cho cbmhnard's ged nach bu mheur dhe'n chuan mhor e idir. Tha seall- adh gle bhriagha ri fhaicinn an am a bhi dol a mach as an acarsaid. Tha'm baile air a shuidheachadh air taobh cnoic air an laimh chli, ag amharc gle bh6idheach o'n uisge. Mu choinneamh a bhaile air an laimh dheis Tha laimhrig a ghuail. Tha duthaich eir- eachdail ceithir-thimchioll na h-acarsaid. tha beul na h-acarsaid gle chumhang,' agus tha sin 'ga fagail fasgach an latha 's motha stoirin; tha uisge, domhain innte, agus uime sin tha i air a meas mar acarsaid ro mhath. {Ri Leantumn.) Tha bantrach an Urr. Tearlach H. Spurg- eon, an searmonaiche ainmeil a bha 'n Lunnain, an deigh 6rdugh a thoirt seachad air son aon d'a shearmoin a bhi air a chur am mach ann an Gailig. 'S e 's ainm da, "A togail na Nathair Umha;" cha'n eil e air innse co rinn an t-eadar-theangachadh, ach tha an t-Olla Mac Fhionghain, an Dun- eideann, ag radh gu bheil e air a dheanamh gu math. Bidh tuilleadh de shearmoin Mhr. Spurgeon air an cur am mach an Gailig an deigh so. GILLE MODHAIL.—Bha duin-uasal Sas- unnach, Morair Abingdon, a bha na dhuine gle mhoralach, aon latha gabhail an rathaid ann an carbad, nuair a thachair gille beag air agus laogh aig air r6p. Stad an gille agus thdisieh e air dur-amharc an clar- aodainn a' mhorair. Dh' fheoraich am morair dheth an robh e 'ga aithneachadh. " 'S mi tha," ars an gille, "is tusa Morair Abingdon." " 'S car son, ma ta, nach eil thu toirt dhiot d' adl" "Ni mi sin," ars an gille, "ma chumas tu fhein an laogh." B' e faicinn na peucaig is breunas an t-sionnaich e. B' e am bata 'ga thoirt duit gus mo cheann a sgailceadh e. L" e an capull 'g a thoirt a dh' Innsibh Gall e.

SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OCTOBE17, 1896R . No. 15bata-smuide bha gu ar giula n Eilea ' Phrionnsa. Bha an latha briagh ciuin, agus 'nuair a tharruinn sinn a mach o'n laimhrig bha

  • Upload
    others

  • View
    3

  • Download
    0

Embed Size (px)

Citation preview

Page 1: SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OCTOBE17, 1896R . No. 15bata-smuide bha gu ar giula n Eilea ' Phrionnsa. Bha an latha briagh ciuin, agus 'nuair a tharruinn sinn a mach o'n laimhrig bha

VOL. V . SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OCTOBER 17, 1896. No. 15

Cuairt do Eilean a' Phrionnsa. LEIS AN FHEAR-DHEASACHAIDH.

Sguir sinn aig Caolas Chanso, agus far 'n do sguir sinn, t6isichidh sinn. Tha dha no tri de bhailtean beaga air fas suas mu'n cbaolas, agus tha iad a' deanauih am beolaind air a mhalairt a tha na soithichean a' buil-eachadh orra, agus air an iasgach. Tha Hawkesbury agus Hastings air taobh Cheap ] rsatuinn, agus Mulgrave air taobh Nobha Scotia. 'Satin aig a bhaile blieag sin a tha sinn a dol air tir, agus tha 'n t-each-iaruinn an sin a feitheamh ruinn. Tha e air a shuidheachadh aig bonn beinne, agus 'si sin a bheinn chas. Cha'n eil doigh air direadh o'n lainihrig dh' ionnsuidh an aite 'sa bheil na storaicheau aoh air ceumaunan staidhir, 'se sin mur eil thu deonach a dhol astar mor timchioll. Tha aig an each-iaruinn fhein, ged is math anghadh, ri falbh o'n cfaala 'n co tihair a chuil gus a' bheil e nm leth-mhile niacr, ;igus an sin tha e gabhail air fiaradh na beiune.agus air an doigli nitHt&uigheaci iu a mullaich. Gun an car a thoirt aisde mar sin cha 'n fhaigheadh e thairis oirre am i'easda. Ach fhuair e thairis an lath' ud mar a limine iomadh latha roimhe, agus sinne air a shiubhal. Bhn sinn a nise air tri mor, agus a falbh cho luath 'sa dh'fhao-dainaid, Cha'n eil an rathad eadar Mul­grave us Antigonish idir cho socair ri rathad Cheap i>'reatunn. 7iidh na carbadan a tulgadh a null 'sa nail air doigh nach fhaicear ach gann air au taobh so dhe'n chaol idir. An deigh Mulgrave , hagail tha 'n carbad a' ruith troimh choille agus troimh fhearann ereag.ich, clachd. Ach an deigh fearainn bhriagha, dhuthaich mhath, far am i'aicear fearainu bhriagha, air an deagh obrachadh, agus far am bheil na tuathanaich a reir gach colthais, gle chothromach. Bho nach robli mis' eolacb, cha robh aon aite dhomh ach mar a bha 'n t-ait eile, agus cha do ghabh mi moran beachd orra, agus mar sin cha'n urrainn domh a bheag a radh mu'n ieibhinn. Bha aite no dha mu'n d'rainig sinn New Glasgow anns am b'fhior thoigh learn taghal na'n ceadaicheadh uine dhomh sin a dheanamh. 'S e aite dhiu sin an Amhuinn a Deas far a bheil mo charaid, Alasdairau Ilidse,'fuireach' duine nach fhaca mi riamh, ach o'n cuala mi-fhin agus leughadairean MHIC-TALLA gu math trice, agus duine tha fhios agam a dhcanadh beatha Gaidheal sam bith a ruig-eadh a Ait eile aims am b'e mo mhiann

beagan uine chur seichad, Antigonish. Tha 'n rathad-iaruinn a dol seachad ri taobh a bhaile sin, ach cha'n fhaighear sealladh coir sain bith air bhar a charbaid; tha e air a thogstil air aite cho iseal's cho cdmhnard 's gur gann"a chithear idir e. Tha idsan a tha e61ach air ag radh gur a baile b6idheach e agus ma tha chuid nach fhaca mise dheth cho boidheach ris na chunuaic mi, tha iad ag radh na firinn. Bu toigh lean cuideachd taghal aig Amhuinn Bharnaidh, far 'n do' chuir arn Bard Mac-Gilleain seachad aireamh bhliadhnaichean an deigh dha tighinn thar cuain, agus far an d'rinn e 'n t-oran tiamh-aidh, muladach, "a Choille Ghruamach," anns 'n do chuir e 'n ceil do'n t-saoghal mar a fhuair e America.

",Cha'n ioghnadh dhomhsa ged tha mi br inaeh , S an.! oiia mo ehomhnuidh air chill nam baann; A m meadhon fasaich air Abhainn Bharnaidh Gun dad a's fhearr m a ' m buntata loin: Mu 'n dean mi aiteacl. 's mu'u tog mi barr ami, 'S a choil le ghabhaidh chur as a bo mi iSfeacaVi. i>'ic gikiiiidtii., gU'iii \A '>• iCTaicht', Is treis' air failinn m u i n fas a' clilafiii."

Gur h-iomadh caochladh ' t ighmn air an t-saoghal, 'S ro-beag a shaoil mi 'nuair bha mi thall; Bu bheachd dhomh 'n uair sin mu'n d'rinn mi

gluasad,

Gu fasainn uasal 'nuair tliiginn ami: A n ear a fhuair mi cha b ' ami gu m ' bhuaniiaehd, Tigh 'nn thar a' ehuain air a' ehuairt bha meallt ' D o thir nan craobh aims naoh eil an t.saorsainn, Gun mhart, gun ehaora, 's mi dh 'aodach gann."

Ach ' s mor an t-atharrachadh a thainig air an duthaich o'n uair sin. Cha 'n urrainnear le firinn, tir nan craobh a radh rithe tuill-eadh. Tha choille ghibhaidh air a cur as a bonn agus 'na h-aite tha fiar us barr a fas o bhliadhna gu bliadhna, agus crodh us caor-aich us eich ag ionaltradh far nach faighte an uair ud ach mathain us cait-fhiadhaich. Tha an diugh rathaidean-mora, air am faigh-ear siubhal gu socair aim an carbad, agus eadhou an rathad iaruinn, far nach robh 'san am ud ach ceum rathaid troimh 'n choille. 'S mor an t-atharrachadh a bheir uine agus obair chruaidh air aghaidh duthcha. Ach ged a b'e mo mhiann-sa stad anns na li­ft aiteachan so, cha robh math dhomh a dhean­amh, agus lean mi air adhart. Beagan an deigh naodh uairean rainig sinn New Glas­gow, agus an sin rmn an carbad dail fhichead mionaid air son cothrom a thoirt dhuinn ar suipeir a ghabhail. An deigh sin chaidh sinu air adhart gu Stellarton, far am b' f'heudar dhuinn an carbad fhagail agus a dhol air carbad eile gus ar giulan gu Pictou.

Rainig sinn am baile sin mil leth-uair an deigh deich, agus air dhuinn a bhi car sgith ghabh sinn mu thamh air son na h-oidhche. An ath latha thug rni fhin 's mo chompanach sgriob mu'n cuairt a choimh-ead a bhaile, agus mu dha uair feasgar chaidh sinn air bord an St. Lawrence, am bata-smuide bha gu ar giulan gu Eilean a' Phrionnsa. Bha an latha briagh ciuin, agus 'nuair a tharruinn sinn a mach o'n laimhrig bha 'n t-uisge cho cbmhnard's ged nach bu mheur dhe'n chuan mhor e idir. Tha seall­adh gle bhriagha ri fhaicinn an am a bhi dol a mach as an acarsaid. Tha'm baile air a shuidheachadh air taobh cnoic air an laimh chli, ag amharc gle bh6idheach o'n uisge. Mu choinneamh a bhaile air an laimh dheis Tha laimhrig a ghuail. Tha duthaich eir-eachdail ceithir-thimchioll na h-acarsaid. tha beul na h-acarsaid gle chumhang,' agus tha sin 'ga fagail fasgach an latha 's motha stoirin; tha uisge, domhain innte, agus uime sin tha i air a meas mar acarsaid ro mhath.

{Ri Leantumn.)

Tha bantrach an Urr. Tearlach H. Spurg-eon, an searmonaiche ainmeil a bha 'n Lunnain, an deigh 6rdugh a thoirt seachad air son aon d'a shearmoin a bhi air a chur am mach ann an Gailig. 'S e 's ainm da, " A togail na Nathair Umha;" cha'n eil e air innse co rinn an t-eadar-theangachadh, ach tha an t-Olla Mac Fhionghain, an Dun-eideann, ag radh gu bheil e air a dheanamh gu math. Bidh tuilleadh de shearmoin Mhr. Spurgeon air an cur am mach an Gailig an deigh so.

GILLE MODHAIL.—Bha duin-uasal Sas-unnach, Morair Abingdon, a bha na dhuine gle mhoralach, aon latha gabhail an rathaid ann an carbad, nuair a thachair gille beag air agus laogh aig air r6p. Stad an gille agus thdisieh e air dur-amharc an clar-aodainn a' mhorair. Dh' fheoraich am morair dheth an robh e 'ga aithneachadh. " 'S mi tha," ars an gille, "is tusa Morair Abingdon." " 'S car son, ma ta, nach eil thu toirt dhiot d' adl" "Ni mi sin," ars an gille, "ma chumas tu fhein an laogh."

B' e faicinn na peucaig is breunas an t-sionnaich e.

B' e am bata 'ga thoirt duit gus mo cheann a sgailceadh e.

L" e an capull 'g a thoirt a dh' Innsibh Gall e.

Page 2: SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OCTOBE17, 1896R . No. 15bata-smuide bha gu ar giula n Eilea ' Phrionnsa. Bha an latha briagh ciuin, agus 'nuair a tharruinn sinn a mach o'n laimhrig bha

1 0 6 I M l ^ - C - T A L L A .

ROB DONN.

(Air a leantuinn.)

Fhuair Rob Donn, 'na dhuthaich fein cliii agus urram nach d'fhuair Baii'd, ma dh fhaodte, a b'airde buaidhean na esan. A mach as a dhuthaich fein, gu sonruichte am measg nan Gaidheal, cha d'fhuair e fathast an t-urram a tha dligheach dh'a. Cha'n fhiosrach mi gu beil aon d'ar Baird Ghaidh-ealach, a mach o Oisean, a dh'fhag 'na dheigh uiread Bardachb ri Rob Donn; agus cha'n 'eil aon idir ann a rinn uiread oran ris. Feudaidh e bhi gur e is aobhar gu bheil na h-uiread dhiu a nis air sgeul nach robh e fein a lathair an uair a chuireadh a mach an leabhar, agus gu'n do ghleidheadh a chuid oran air chuimhne na b'fhearr na ghleidh­eadh saothair nam Bard nach do chruinnich an orain fein. Ann an coimeas r'ar Baird Ghaidhealach thar cheann, tha Rob Donn comharraichte airson giorrad agus aireamh a chuid oran. Cha'n 'eil, ma_ dh'fhaodte, Bard againn a thug seachad uiread fhuinn ris; cha'n eil aon idir aig a' bheil cho lion-mhor atharrach steigh ris. 'S e Orain shugach, Aoirean, agus Marbhrannan is trice a tha aige; ach cha'n 'eil teud de'n chlarsaich Ghaidhealaich nach do bhuail e. Cha'n 'eil • inntinn air a lionadh le aillidheach maise, agus greadhnachas na tire mar bha inntinn nan triuir Bhard a bu cho-aoisean dh'a — Mac - Mhaighstir - Alastair, Dughall Buchanan, agus Donnachadh Ban; ach gheibh sinn uair no dha dearbhadh nach robh gloir agus greadhnaohas a' chruthachaidh foluichte o shuil n6 o chridhe. Cha'n 'eil Orain Ghaoil Rob Dhuinn cho lionmhor no cho blath ri Orain Ghaoil cuid d'ar Baird. Ach tha cuid diu so, agus aon gu sonruichte a rinn e d'a cheud ghaol -—• do "Anna bhuidhe nigh 'n Domhnuill"—an deigh dh'i cul a chur ris, am. nach toirear barr' n ar canain. Saoilidh mi gu'n dearbh an ceath-ramh mu dheireadh de'n oran so gu'n robh cluas, cridhe, agus inntinn Baird aig Rob Donn:

" A c h e io im bheir mi fuath dhui t , G e d cjh'fhuaraich thu r ium,

' N u a i r ' s feargaich' mo sheanachas, M u t 'a inm air do ehul,

T h i g t ' iomhaigh le h-annsachd, ' N a shamhladh 'n am uigh,

Saolidh mi 's an am Gu'n dean an gaol sin an t i i m .

'S theid air a rath, G u h-as-ur,

Is fasaidh e'n tra sin, C h o arda ri tur ."

Ach ged rinn Rob Donn iomadh Oran de'n t-seorsa so a dh'fhirinnicheas barail Iain-Tc-Aoidh, Fear Mheilinis,

" L e i s gach brei theamh d'an eol dan, B i d h cuimhe gu brath air R o b D o n n , "

cha'n 'eil teagamh nach e Aoirean agus gu sonruichte a Mharbhrannan agus Orain aotrom, shugach, aighearach a ghleidheas ainm air chuimhne. Airson a leithid so de Bhardachd, cha'n 'eil, a reir mo bheachdj

coimeas do Rob Donn am measg nam Bard

Gaidhealach. Ann an cuid de fheartan Bardail, agus ma dh'fhaodte anns a' chuid is airde, cha tig e nios ris na Baird Ghaidh­ealach is ainmeile 'n ar measg. Cha choim-easar Rob Donn no aon eile d'ar Baird Ghaidhealach ri Oisean. Tha agus a reir coltais bithidh aite air leth aige-san ann an teampull na Ceolraidh Ghaidhealaich. Cha mho a choimeasar, a reir mo bheachd ann an ceartas, Rob Donn airson reachdmhoiieachd smuain no neart cainnt ri Mac-Mhaighstir-Alastair, no ri Donnachadh Ban airson snas cainnt no grinneas 'us ceolmhoireachd roinne; agus cha'n 'eil idir sealladh ard no smuain ghreadhnach Dhughail Buchanain aige. Ach bha inntinn cho beo aige agus a bha aig aon de'n triuir; agus cha robh aon diu a bu gheire suil a dh'fhaicinn loimh chridhe cuise no roimh chridhe duine na Rob Donn. A thuilleadh air so saoilidh mi nach robh aon d'ar Baird ainmeil Ghaidh-eaiach aig an robh an tomhas de thuigse nadurra a bha aig a' Bhard so; agus tha an seud ainmig so cho feumail do'n Bhard, mur 'eil na's feumaile, agus a tha i don each eile. Chum am feart so, agus firinn a naduir, Rob Donn ceart 'na mholadh agus 'na chain-eadhan uair a bha an cunnatt mor gu'n rachadh a cli, Cha'n 'eil teagamh nach 'eil a' chuid mhor de luach Aoirean agus Mharbhrannan Rob Dhuinn 'nam firinn. Mur biodh dearbhadh againn gur ann le run maith, neo-fheineil a rinn Rob a' chuid is mo agus gu sonruichte a' chuid is fearr d'a rannan, cha bhiodh meas cho mor againn orra agus cha toilleadh iad e. Ma chuireas tu grinn a taobh, ma dh'fhuilingeas tu dhuit fein a bhi luaidh ri neach gach feart 'us rian maith no dona is aithne dhuit, saoilidh mi gu bheil e na's usa dhuit rann ceolmhor, reidh a dheanamh na bhitheas e ma ghleidh-eas tu an comhnuidh diu ris an fhirinn.

'S e mo bheachd gur e an aon choire is mo dhearbhar air Rob Donn mar Bhard gu'n do chaith e ro bheag dragh ri orain. Saoilidh mi gu bheil e nor, agus gur call mor do'n Bhardachd Ghaidhealaich gu bheil, gu'n robh an duine so comasach air a chuid oran fhagail na b'fhearr na rinn e, agus gu'n robh e comasach air obair a b'airde dheanamh na ghabh e os laimh. Tha e air innseadh dhuinn gu'n robh e deanamh oran o'n a bha e tri bliadhna a dh'aois g'a bhas; agus ged, ma dh'fhaodte, nach 'eil Bard Gaidhealach againn a ghleidh an comhnuidh ma choinn-eamh cudthrom agus soluimteachd dreuchd a' Bhaird mar a ghleidh Rob Donn, tha e nor gur gann a ghabh e barrachd dragh a' taghadh a steigh no 'rann no chainnt 'na thri-fichead bliadhna na ghabh e 'na thri. Thigeadh ni no neach 'na rathad a bha toillteanach air cliu, air achiuhasan, no air fochaid, agus ann an tiunndadh na boise bha an t-oran deanta agus cha robh an ath tilleadh ris. Cha rachadh e fad na cois a dh'iarradh steigh, agus cha smuaineachadh e da uair airson focal a bu fhreagarraiche 'na cheile. Be gne inntinn an duine, a reir

coltais, o oige a bhi beothail, ullainh, geur Bha a Bhardachd a m i an tomhas m o r de aon ghne r'a radhan agus r'a fbreagairfcean. Bha e teabaidh, beairrte, geur thar tomhais, agus gheibheir am feart so 'na rami, ma dh' fhaodte, na's trice na gheibhear na feartan Bardail is airde. A cha thuilleadh air so bha cridhe blath aige, agus bha nadur nor, misneachail, duineil aige a chum na feartan cunnartach ud eile fo smachd cubhaidh.

Cha'n 'eil teagamh nach 'eil Orain Rob Dhuinn ann an tomhas na's luchmhoire a chionn gu'n deachaidh cho beag dragh a chaitheadh riu. Tha sinn na's eolaiche air a' Bhard agus air ghne inntinn a bha aige do bhrigh so. Is mor an luach a bhi faotainu toradh minimi gheur blath o'n chridhe. Agus tha e air innseadh dhuinn gur gann a chaith Rob Donn os cionn uair no dha—air a chuid bho mho—ri aon d'<i chuid jran. Tha dearbhadh air gu'n do rinn e cuid de na li-orain is fear aun an uine bu ghiorra na so. Ma dh'fhaodte nach 'eil aon d'a oraiu cho ainmeil ri "Marbhraim Eoghain" agus ri "Briogais Mhic-Ruaitidh." Gexi nach deanadli e riamh Oran ach an dithis 80 fein, bhiodb a. chliu ard am measg nam Bard GaidhmUvh. Tha iios againn gu'n deachaidh "Marbhrann Ewghainn" a dheanamh a m : a fior bheagai! uineain bo! ban Eoghain feji.i uill'n d'fhag aa aiia.il e; agus gu'n do rinneadh "Briogais Mhic-Ruairidh ' ann an iomlaid leth-uair an uai;-eadair—am feadh agus a bha am Bard a' coiseachd mu dha mhilc d" as tar. Ach ged gheibhear cuid de orain Rob Dbumn nor mhaith, cha'n 'eil teagamh nach 'eil, n ui smuain, 'nan cainnt, agus 'nan rami blath an deifir air a mhor chuid diu. Ged chaidh orain a sgriobhadli o bheul a' Bhaird fein,' cha'n 'eil e ro-cho!tach gu'n robh cothrom aig Rob Donn mar bha aig ar Baird ainmeil eile air a shaothair fhagail air an doigh a b' fhearr mar dhileab aig an t-sluagh. Sgriobh agus chlobhuail Mac - Mhaighstir-Alastair 'agus Dughall Buchanan am Bardachd fein. Bha lan uine agus lan chothrom aca air a shonruchadh 'nan inntinn fein a chuid de'u saothair a bheireadh iad seachad do'n t-saoghal agus an doigh air an tugadh iad seachad e. Tha e air aifchris gu'n do sgriobh an t-Olla Stiubhart, Ministeir Chill-fhinn, a dh'eaclar-theaiigaich an Tioinnadh Nuadh gu Gaidhlig, orain fern do Dhonnachadh Ban Mac-an-t-Saoir. Bha mar so lan chothrom aig an triuir Bhard so air amharc thairis

agus thairis air saothair fein mu'n do chuireadh fa chomhair an t-saoghail ann an leabhar 1 . Cha'n aithne dhomh call is mo do chliu Rob Dhuinn na nach d'fhuair esan an cothrom ceudna. Bha e fein agus a mhinisteir—an t-Olla Dombnullach — 'nan deagh chairdeau. Is trie a smuainich mi na'n sgriobhadii an dwine so Bardachd Rob Dhuinn gu'm biodh i againn air doigh gu mor na's taitniche na tha i. Clio fad a agus a thainig a chliu a nuas g'ar latda-ne ann am Bardachd Hob fein, bu duine tuigseach

Page 3: SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OCTOBE17, 1896R . No. 15bata-smuide bha gu ar giula n Eilea ' Phrionnsa. Bha an latha briagh ciuin, agus 'nuair a tharruinn sinn a mach o'n laimhrig bha

I V T ^ C - T A L L A l O T

an Domhnullaeb, aig an robh inntinn fhars-uing, cho maith ri ministeir dileas. Saoilidh nii na'n sgriobhadh am ministeir so Bardachd Rob Dhuinn gu'n cuireadh e stad air a' Bhard aig iomadh focal agus aig iomadh rann agus gu'n abradh e ris; "Stad ort a Rob! A' bheil thu cinnteach uach ghabhadh am focal no an rann so a leasachadh? 'S e do dhreuchd-sa a bhi seinn mar is e mo dhleasdanas-sa a bhi searmonachadh. Ach cuimhnich an uair a bhitheas tusa agus raise a' cnamh anns an uir, an uair a bhitheas mo shearmoinean-sa agus iadsan a chuala iad gu tur air di-chuimhne, gu'm bi t-orain-sa agus t-ainn cho caithreamach am measg au t-sluagh agus a tha iad an diugh. Tha mise a'm fhear-teagaisg do mhuinntir na sgir-eachd so aim am latha feinn. Is goirid gus am bi mo chliu agus m'ainm am measg nan nithean a bha. Ach tha thusa a'd fhear-teagaisg do d'shluagh cho fhad agus a bhith­eas iad fein agus an canain beo air thalamh. Am feadh's a dh'innsear sgeul no sheinnear oran ann an Gaidhlig, bithidh Faolan agus an Qeiyean agus lain Thapaidh agus am Jioe Glas agus Mac-Ruairidh agus Eoghan agut- Clann-Fir• Ruspainn a' toirt foghlunn agus toilinntinn do mhiltean do d'luchd-duthcha anns gach cearn de'n t-saoghal. Tha fios agam gur arm air taobh na coir, na firiun, agus nan deadh bheus a tha do theagasg agus a bu maith leat e bhi. Ach tha thu a' seinn airson nan Hnntean a thig a ' d ' dheigh. Cha bu maith leat fein no leam-sa gu'm biodh do chainnt no do smuain 'n an ceap-tuislidh do aon a leughas t-oraiu. Thoir an aire, ma ta, gu'm bi t-orain agus do (iliaii. air au aiseag do'n t-sluagh anns an doigh aims am bu mhaith leat do chliu fein, eliu do shluaigh, agus cliu Bardach do dhuthcha a bhi air an gleidheadh beo air feadh tin t-saoghail re nan linntean ri teachd." Tha mi meas na'm biodh smuain-teau de'n t-seorsa so fa cbomhair inntinn Rob Dhuiun an uair a sgriobhadh a' chuid oran gu'u robh iomadh focal agus sreath agus rann air an atharrachadh a chum na cuid a b'fhearr.

A thuilleadh air so, saoilidh mi lia'm biodh smuaintean de'n t-seorsa so .aig a' Bhard an am deanamh nan oran gu'm faighteadh moran diu na's fearr na gheibh-ear a nis iad; agus gum faighteadh 'na shaothair oidhearpan na b'airde na thug e riamh. Tha e gun teagamh nor gu'n do rinn Rob Donn ann am ueagan mhionaidean na h-orain is fearr a dh'fhag e 'na dheigh. Ach is e mo blieachd gu bheil e cheart cho fior gu'm biodh eadhon iad so na bu taitniche pa tha iad n'n caitheadh am Bard tuilleadh dragh riu; agus gu'n robh e comasach air saothair a b'airde na ghabh e riamh os liamh. Bha inntinn Rob Dhuiun, mar adh'fheumas inntinn Baitd a bhi,soilleir, geur, mothachail agus bha i gun sonruichte beo, luathjach cha do choisinn Bard riamh, air airde a bhuaidh-(.•aii, a' chliu is airde gun inntinn a bhi air a smauhdachadh le stri chruaidii agus thoighid-

neach. Cha do rinn agus cha dean lamh no ceann mhic an duine gniomh a mhaireas gun dragh, gu spairn. Ann am fallus a ghnuis ithidh e aran, agus anu am fallus eanachainn ni e orau no turn sam bith eile a ghleidheas ainm air chuimhne. Tha an t-iarunn o'n teallach loisgeach, drillseach, ach buailear air an innein e agus fuaraichear anns an uisge e mu'm fas e 'na stailinn righinu, cruaidh. Thig an smuain is doimhne agus na focail is geire air uairean clis mar bhoisg-eadh an dealanaich, ach ged lasas am boiegeadh an iramailt car tiota os cionn solas a' mheadhon-la, falbhaidh e mar thainig agus tha an dorchadas na's mo na bha e roimhe. Is e solus laidir, teth, cinnteach na greine a bheir beatha agus fas do'n t-saogh-g Bhiodh smuain Rob Dhuinn, nor agus geur mar is trice a tha i, na b'fhirinnich agus na bu gheire, agus bhiodh a chainnt na bu shnasinhoire, na bu mhaisiche, agus n a bu cheolmhoire, na tha iad, na'n cnuasachadh e \ orain thairis agus thairis mu'n d'thug e seachad do'n t-sluagh iad. Agus gu son­ruichte tha mi meas n'am biodh inntinn air a cleachdadh ri saothair dhian,chruaidh,gu'n d'thugadh e oidhearp na b'airde na thug e, agus gu'm faigheamaid o Rob Donn oran a sheasadh guala ri guala, mur biodh an ceaun aige orra, ri "Beannachadh Luinge" Mhic-Maaighstir-Alastair, ri "Latha Bhreathan-ais' DhughaiK Buchannain, no ri "Peinn Dorain" Dhonnaehaidh Bhain.

(Ri leanntninn.) . o—<a>-

Na Hungarianaich.

Theagamh nach robh riainh cinneach eile a i m s an t-saoghal a bha cho dileas do chan-ain an sinnsear ris na Hungarianaich. Bha iad air an ceannsachadh leis na h-Austi ianaich anns a' bhliadhna 1849. Chog na Hungar-ianaieh gu cruaidh, gaisgeil agus bu trie a chair iad an ruaig air na h-Austrianaich, ach thainig na Ruiseanaich a chuideachadh an naimhdean, agus mar sin bha na Hungarian­aich bhochda air an coisnachadh gu buileach leis an ciithis. Theich cuid de na cinn-feadhna gus an Tuirc, ach bu lionmhoire iad a bha air an glacadh agus air am mortadh. Cha luaithe a chuir na Hungarianaich sios am ball-airm ua rinn na h-Austrainaich direach mar a rinn na Sasuuuaich ann an Eirinn agus anns a' Ghaidhealtachd nuair a fhuair iad an lamh an uachdar air ua Gaidh-eil. Chuir iad gu bas taireil gach fear cliuiteach, ainmeil, uaibhreach air am b' urrainn daibh greim a dheanamh. Bha an duthaich air a lionadh le foil agus le deuran agus le tuireadh ionnas agus nach b'urrainn di a bhi ni bu mhiosa ged a bu e Cromuel, no Cumberland am Feoladair a bhitheadh 'gan ceannsachadh. Cha robh ain-tighear-nas sam bith nach d'rinn iad, ach aon ni a mhaiw agus is e sin so, cha do chuir iad bacadh air an eideadh duthehasaoh, mar a rinn na Sasunnaich ris au fhcileadb. Thug iad Austriauaich no coigrieh a taigh do

gach inbh dreuchdail, cudthromach, agus shuidhich iad luchd-imriche coimheach anns gach cearn de an duthaich, direach mar a tha na h-uachdarain a' deannamh anns a' Ghaidhealtachd air an latha an diugh, ach cha robh na Hungarianaich cho sitheil ris na Gaidheil oir bu trie a dh'eirich iad air na coigrich. Thugadh a' chainnt dhuthchasach cho iosal agus gu'n do chuireadh i a mach as na sgoiiibh, as na h-Oil-Thaighean, agus as tia Cuirtean Lagha. Bha uile ghnothaichean na duteha air an deanamh arm an cainnt na Gearmailt. Ach a dh'aindeon so uile cha deachaidh na Hungarianaich gu tirean cein, no cha d' thuirt iad gu'm bitheadh e ni *b' fhearr aon chanain a bhi aig an t-sluagh, agus sinn canain am buaidhearan, mar chluinneas sibh cuid de na Gaidheil ag radh; cha robh iad cho faoin, ach sheas iad gu duineil airson duthaich agus cainnt nan daoin o'n d'thainig iad. Theagasg iad an canain mhathaireil do an cloinn ged a bha sin direach an aghaidh an lagha, agus rinn iad sior ghluasad air a son feadh mhoran bhliadhnachan gus an d' fhuair iad i mu dheireadh air a h-ais anns na sgoiiibh a rithisd. Chum iad air adhart agus anns a cheann mu dheireadh bha cainnt na Gear­mailt air a cur a mach gu buileacb, agus tha uile ghnothaichean na dutucha air an dean­amh anns a' Mhayyer an cainnt fein, a nis. Bhitheadh uile ghnothaichean na Gaidheal-tachd air an deanamh anns a' Ghaidhlig na'm bitheadh uiread de mhisneachd aig na Gaidh­eil agus a bha *aig na Hungarianaich. Is i so a' chomhairle a thug Cossuth air a luchd-diithcha mu dheidhinn nan coigreach a bha 'nam measg. "Deanaibh cabhag, agus deanaibh Hungarianaich dhiubhsan no ni iadsan Austrianaich dhibhse." Ba choir do gach Gaidheal na facail so a thoirt fainear, oir is furasda fhaicinn ciod a thacharas do chanain Chaluim-Chille ma dh' fhanas shin ni's fhaide 'nar cadal. L. L.

"LAYS OF THE HEATHER." So ainm

leabhair bardachd a thainig ugainn o chionn ghoirid a Lunnainn. Tha e air a sgriobhadh le Miss A. C. Nic Dhonuik na Ceapaich, bana-bhard Chloinn Donuill. Is ann am Beurla tha e, ach a mach o sin tha e cho Gaidhealach ri fad moine. Tha e ann an iomadh dbigh a tilgeil soluis air gne nan Gaidheal—am baighealachd, an tiamhaiche, agus an treubhantas—agus tha e lan de ghradh dachaidh agus duthcha. Mholamaid an leabhar dhaibhsan le'n ail fior bhard­achd a leughadh, agus a tha deigheil air a bhi treorachadh a smuaintean gu Tir an Phraoich. Gheibhear an leabhar so air tri tasdain's naoidh sgillinn (3s. 9d.) le sgriobh­adh gu Miss A. C. MacDonnell, 86 Cam­bridge St., Eccleston Square, London S. W., England.

Tha Reic mhor Aodaich aig D. J. Domh gnullach. Tha gach ni :ga reic cho saor 'sa> bhrbhas e. 'S coir dhuit aige.

Page 4: SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OCTOBE17, 1896R . No. 15bata-smuide bha gu ar giula n Eilea ' Phrionnsa. Bha an latha briagh ciuin, agus 'nuair a tharruinn sinn a mach o'n laimhrig bha

1 0 8 3 V L ^ C - T A L L A .

MAC-TALLA. A PHRIS.

Bliadhna, Sia miosan, Tri miosan.

$1.00 .50 .25

Tha 'phris ri bhi air a paigheadh na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand's an duthchan-nan eile air son $1.52, neo 6s. 3d. 'sa hliadhna,

Thugadh iad-san a bhiou a sgriobhadh ailig g' ar 'n ionnsidh an aire nach sgriobh

ad ach air aon taobh d' an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu, J. Or. MacKINNON, Publisher 'Mac-Talla,'

Sydney, Cape Breton.

SIDNI, OOTOBER 17, 1896.

Rinn Mr. Gladstone 6raid ann an Liver­

pool, an Sasunn, o chionn ghoirid, a tha 'n

deigh gluasad a chur air feadh Bhreatuinn,

agus uile rioghachdan na Roinn-Eorpa.

Bha an 6raid air a liubhairt aig coinneamh

a bh' air a gairm anns a bhaile mhor sin air

son fhaicinn ciod a ghabhadh deanamh air

son stad a chur air obair sgriosail nan Turc-

ach ann an Armenia. 'Nuair a thoisich e

bha a cheann crom, agus a ghuth faun; bha

fior choltas an t-seann-duin' air, ach mu'n

deach e fad air adhart, dhirich e e-fhein

agus dh' fhas a ghuth laidir, a toirt an

cuimhne a luchd-eisdeachd nan laithean o

shean nuair a bha e thaobh bodhaig us innt­

inn an treine neart. Thug e sgriob uamhas-

ach air mortair mor na Tuirce, agus ghuidh

e air Riaghladh Bhreatuinn cur cruaidh ris

air son a dhroch dheanadais. Tha an braid

an deigh atharrachadh mor a thoirt air

beachd sluaigh Bhreatuinn, agus a nochdadh

gu soilleir, ged a tha Gladstone air cuisean-

riaghlaidh a leigeil uaithe, gu bheil e cho

comasach air inntinnean dhaoine ghluasad

sa bha e riamh.

Tha sinn a cur romhainn aireamh mhor

de luchd-gabhail ur fhaotainn do'n MHAC-

TALLA eadar so us Bliadhn' Ur. Tha fhios

againn gu bheil miltean de leughadairean

matha Gailig air feadh na duthcha so fhein,

agus air feadh gach duthaich eile do'm bheil

am paipear a' dol, nach eil aona chuid 'ga

ghabhail no 'ga leughadh. Nach eil an t-atn

aca sin toiseachadh air a ghabhail, agus nach

c6ir do gach aon aca 'ainm 's a dholair a

chur gu 'r n-ionnsuidh gnn dail. Tha fhios

againn gu bheil moran 'nam measg a bha

deonach cur 'ga iarraidh o chionn fhada ach chuir iad dail 'sa ghnothuch, agus le dail a chur ann rinn iad dearmad, agus cha do chuir iad 'ga iarraidh fhathast. Air son iad sin a ghreasad tha sinn a dol a thoirt tairgse dhaibh. Duine sam bith a chuireas a dh' iarraidh a phaipear uair sam bith eadar so us Bliadhn' Ur, agus a chuireas an dolair ugaiun aig an am eheucna, gheobh e na bhios gun ruith dhe'n bhliadhna so a nasg-aidh, agus paighidh an dolair gu deireadh na bliadhna tha tighinn, 'se sin gus an 31 mh latha de Dhecember, 1897. Tha sinn an dbchas gun toir an tairgse mhath so aireamh cheudan de luchd-gabhail ura an rathad MHIC-TALLA. CO a cheud fhear a thig?

Tha aon sgeul a thainig as na Staitean air an t-seachdain so, ag innse gu bheil na Republicans cinnteach gu'm bi M'Kinley air a thaghadh mar cheann-suidhe. Tha fios eile ag radh gu bheil na Democrats cinnteach a taghadh Bhryan. Tha dithis eile briar r-achd air M'Kinley us Bryan ag iarraidh na dreuchd, agus o'n a lionas aon duin' i, tha eagal oirnn gu'm bi triuir dhiubh gu math tursach air feasgar an treas latha dhe'n gheamhradh.

Litir a Margaree.

A MHIC-TALLA:—Is fada bho'n a bha duil agam litir bheag a chur ugad, gus innse do d' luchd-leughaidh an t-eolas a fhuair mi agus a tha mi faighinn ort. 'Nuair a thois­ich MAC-TALLA air taghal ormsa an toiseach, 's gann gu leughainn ainm; gu firinneach cha leughainn an darna facal; ach an diugh leughaidh mi gach darna facal agus gach facal a tha eatorra. Cha mhor nach robh mi cho aineolach air leughadh na Gailig »'sa bha an duine dubh, nuair a fhuair e am paipear-naigheaohd. "co dhiubh," ars esan, "is e na sgrioban dubha no na sgrioban geala bhios iad a leughadh."

Cha 'n eil moran naigheachd again dhuit an drasda ach naigheachd a th'agaibh fein. Tha an t-side 'fas anabarrach fliuch, greann-ach, agus tha na lathaichean so gu h-araid gle mhi-fhreagarrach air son buain a' bhun-tata, ged a dh'fheumas daoine bhi ris.

Fhuair sibh beagan litrichean as a' chearna so agus m'ainmsa riutha. Is aithne dhomh fhin gu ro-mhath an fheadhhain a bha 'g an sgriobhadh, agus thoireadh na gillean gasda 'n aire nach tig mise beo orra. Ach a roghainn air iad a sgur gu buileach, faodaidh iad m' ainn a chur ri 'n cuid litirch. ean cho trie 'sa thogras iad.

Bho'n is i so a cheud ionnsuidh a thug mi air sgriobhadh 'Gailig, tha mi an dochas gu'n gabh sibh mo leisgeul air son mo mhear-achdan. Bidh mi a' sgur aig an am so le durachd gu'm bi iomadh bliadhna shaogh-ail aig MAC-TALLA. IS mi do charaid dileas,

AONGHAS BEAG.

S. W. Margaree, Oct. 3, 96.

G . H . G U Z Z W E L L , Seudair agus Uaireadairiche,

Uaireadatrean Oir us Airgid agus Se.idan dhe gach seorsa.

U aire ad aire an air an glanadh's air an caradh.

SIDNI, 0. B.

F. W . M O R L E Y , DOTAIR FRADHAIRC

An aon fhear dhe sheorsa th' air Eilean Cheap Bieatunn.

Faodar fhaicinn anns an st&r aig F. & J. Morley.

Neach sam bith dig am bheil droch fhradh arc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dha's coir dha toghal air.

Tha stoc math de speiiciairean's de ghlaine achan suil aige, agus ni e suas nungaidheao air son leigheas agus eeartachadh shuileau.

Sidni, C. B. Feb. 1, '96.

C. H . H A f i k l N C T O N & CO. Soithichean Dinnearach, Soitbich-

ean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe g^ch seor sa,, SAOK.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan Botaiimean, Rubbers, &c, &c lad uile math 's na prisean ceart.

Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar Siabunn, Molasses, Olla,Mart fheoil,Muc-fheoil, Sgadan. A seorsa's fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.

C. H . Harrington & Co -Sidni, C. B.

T H. D. MAC ILLE-MHAOIL,

N Y A N Z A , C. B.

H A e creic C L O T H , D R O G A I D , agus P L A I D -E A C H A N " E U R E K A " air a cheart phr is

air am beilear 'g an crc ic aig na muillin. T b a F a e t o r i d h Eureka air aon de 'n fheadharh a's

fhearr an Canada. Choisinn na Plaideaehan a thatar a' deauamh innte D U A I S A 1 R G E I D aig Exhab i t ion Chanada da uair.

Chreic e an uiridh fiaeh chei thir ^cheud deug dolair ($1400.00) dhe na h-aodaichean so an eoinn-eamh C16imhe, agurf tha duil aige barrachd air sin a chreic am bliadhua.

Tha luchd-gnothuich (agents) aige mar a leanas : - A n n an Siorrachd lnbbirnis , Niall Mao Ille-mhaoil , aig Loch Ainsl ie , a g u s L . D . Mae Fhionghain , Tai l lear , ) an Orangedale; an Siorrachd Jheap Breatunn, Tearlaeli E . Clark, aig Cross R o a d s Leitehe 's Creek. T a mu dheichair fhichead sama nil aodaich aca, agus thuid aoa air seorsa sain bith a thoir t dhui t ochd lutba 'n deigh a ehloimh -ehur air falbli. A m bheil iad math? T H I G A G U S FA1C.

Page 5: SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OCTOBE17, 1896R . No. 15bata-smuide bha gu ar giula n Eilea ' Phrionnsa. Bha an latha briagh ciuin, agus 'nuair a tharruinn sinn a mach o'n laimhrig bha

H V r ^ - O - T A L L A 1 0 9

N A I D H B A C H D A N .

Chaidh moran feoir a mhilleadh leis na h-uisg-eachan troma bh'ann o ehionn ghoi r id , gu h-aiaid feur a bh'air na h-aiteaehan-boga. A.nn am Mira chaidh moran feoir a bh'ann am mullain a sguab-adh air f a lbh leis na tuiltean.

Chaidh eaglais ur Chaitlioeaeh fhosgladh ann an Grand Mira Di-donaich 'sa chaidh. 'S e an t-Orr, Ruai r idh Mao Nei l sagart na sgireaohd. Bha aireamh de shagairt nan sgireachdan mu'n cuairt 'ga chuideachadh aig fosgladh na h-eaglais.

Tha a' chiiirt M h o r 'na suidhe air an t-seachdain so. Tha aireamh mhor de chasan air a beulaobh, agus cha 'n fhaighear am feuehainn uile aig an t-suidhe so. Cha 'n eil teagamh nach bi suidhe eile ann romh thoiseaeh a' gheamhraidh.

Tba sianar d h a o i n e ' s mhnathan a' fuireach anns a' Bhai 'n Ear, agus le aireamh am bliadhnaiohean a chur ri chei le , theid iad cho ard ri co ig c e u d ' s da fhichead bliadhna. Tha iad le 'n gabhail thar a cheile, jei thir iichead b l i adhna ' s deich a dh'aois .

Dh'fhalbh soitheaeh beag iasgaieh a Sidni Tuath gu dhol dh ' ionnsuidh nam baneaiehean. agus cha d'fhuaras sgeul oirre fhathast, Bhuinneadh i do Sheumas Moore a Amhuinn irheorais. Cha robh air an t-soitheaeh ach Moore 'sa mhac, 's dithis dhaoin ' eile mhuinnt i r a Bhras d'Oir Bhig. Thatar a gabhail eagail gu 'n deaehaidh an soitheaeh 's na bh ; air bord a chal l .

Bha Sir Tearlach Tupper agus a bhean posda leth-eheud bliadhna air an t-seaehdain s'a ehaidh, agus chum iad co-ainm an latha, no mar theirear, bha a bhauais (Mr aca, air Dior-daoin. Fhuair iad an la sin, litrichean agus fiosau as gach cearna de Chunada, agus a Breatuinn, o daoine bha deanamh co-ghairdeachas maille riutha, agus thainig moran ghibhtean luachmhor g 'an ionnsuidh, fiach dheie.h mite dolair air fad.

Chaidb bathadh muadach a dheauamh ann an. ( l a c e B a r feasgar Di-donaich. Chaid triuir gliill-etn, Donnachadh Moireastan, aon bliadhn' deug a dl 'aois , Aonghas Moireastan, agus Tearlach Bait i l ier , co ig b l i a d h n ' d e u g a dh'aois a mach air dana ann au tuba aoi l ; chaidh i thairis orra, agus bh« an triuir air am bathadh. Bha athair fear de na (illean aim an tigh na eurtacli an Sidni nuair a fhutjr e sgeula bais a uihic. Bha iad air an t iodh-laclndli Dior-caiduin.

Bla uisge na seachrlain 'so c h a i d h ' s na seachdain roimie sin anabarrach t rom air taobh e i l e 'n eilein morai na bu truime na bha e againu an so . Tha na d.oine 's sine 'san duthaich ag radh nach euiinlne leotha uiread uisge fhaicinn riamh roimhe a tuiUin ann an ume cho goir id . Bha na roidean ann ar.iomadli aite air am milleadh gu dona, agus leis anituil a bh'anns na h-aibhnichean chaidh moran Ihrpchaidean a thoir t air falbh. Bha an t. uitge char t cho t rom aim an Noblia Scotia:ann am Laile B i i f a x bha e sileadh fad cheithir latha deug.

Tha d\ine fuireach aig Hil ls ide, am Mira , Iain Dcmhnulach, a tha ceithir fichead bliadhna 'sa co ig d e i | a dh 'aois , agus tha e cha mhor cho tapaiilh % bha e riamh, Tha mac dha, Cailean Dcmhnu l t ch , a fuireach 'sa bhaile, agus eha 'n eil b l iadhu nach eil e t igh i ima stigh a dh 'amharc air a dha n tir dh'uairean, agus a' deanamh an astair dh'i chois , da mhile dheug. Tha e gu stan fallair. agus a bhuaidhean n a d a n a aige cho math 'sa bit iad an laithean oige, ach a mhain gu bhei l e air is beagan bodhar . Tha moran de na (hoir.e a thinig a mach do'n duthaich so an tois-each, a dh 'a ideoin gach cruadal troimh 'n deach

j a d , an deiglaois mhor a ruigheachd.

Tha diiil aig cuideachd a' ghuail barrachd mor guail a chur am maeh am bliadhna sa rinn iad an uiridh. Tha H . M . W h i t n e y ceann na cuideachd ag radh gu 'n cuir iad a maeh mu 'n sguir iad am bl iadhna aon ceud deug mile tunna. A n uir idh cha do chuir iad a mach ach beagan thairis air ochd ceud mile tunna.

Tha Morai r Roseber ry , a bha na cheamiard air na Liberals ann an Sasuinn o chionn dha n o tri bl iadhnaichean, an deigh an dreuchd a leigeil uaithe, agus tha aca ri ceannard eile thaghadh. 'S e b ' aobhar dha sin a dheanamh nach urrainn dha a o n t ^ h a d h leis na thuirt M r . Gladstone anns an 6raid a l iubhair e ann an Liverpool .

T h u g fear Deorsa H e w i l l a bha 'san t igh-obrach an Kings ton , Ontario, ionnsuidh gharg air beatha fear-eumail an taighe, a sheachdain gus an de , agus loisg am fear eile ' air, 'ga mharbhadh air a bhad. Bha H e w i l l anns an t igh-obrach o chionn dheich bliadhna, agus bha e fad na h-iiine anabarraeh draghai l d o 'n luchd-gleidhidh.

Seall ami an ait eile dhe'n phaipear agus faic an tairgse tha sinn a toir t d o fheadhainn a tha airson tbiseachadh air gabhail MH;C-TALLA. BU ch6ir d o gach aon tha 'ga ghabhai l an drasda oidhearp a thoi r t air fear no dha de luchd-gabhail tirsa fhaotainn dha eadar sous Bl iadh ' Ur . 'Nan dean-adh iad uile sin bh iodh aireamh luchd-leughaidh a pha ipear air an dubhlncadh.

Tha na Stiiitean an deigh soi theach-cogaidh a chvir a null dh'an Tui rc a dh' iarraidh fios-freagairt o'n t-Sultan a thaobh mhinisteirean as na Staitean a bha air an creachadh aim an Armenia . Tha an soitheach sin, thatar ag radh, a' dol direach gu Constant inople , ni nach eil ceadaichte do shoithich-ean-cogaidh, agus ma chuinnear dragh sam bith orrre, tha cabhlach Bhreatnnnach deiseil gus a torachd a thoir t a mach. Tha r ioghachdan na Ro inn-Eorpa aonaichte mu 'n chilis, agus cha'n eil fhios nach bi turus an t-soithich so na mheadhon air a chomhstr i a tha dol air adhaot mc 'n Tui rc a thoir t gu cr ich.

Chaochail an t-Urr. E idward W . Benson, A r d ' easbuig Chanterbury, an Sasuinn la na Sabaid s'a chaidh. B h a e air aoidheachd aig M r . Gladstone, 'na chaisteal ann a' Havvarden agus chaid e chomla ris do 'n eaglais. A m i'eadhh 'sa bha e na shuidhe ann an suidheachan Mhr . Ghladstone, beagan an deigh do 'n t-seirbheis tois-eaehadh, thainig laigse air; chaidh a ghiulan a mach, agus mu chairteal gu da uair dheug chaoch­ail e. Bha e tri iichead bliadhna 'sa seachd a dh-aois. Bha e 'na Ard-easbuig an Canterbury o chionn chei thir bl iadhna deug, agus bha coig mile deug pumid Sasunnach 'sa bhl iadhna a t igh'nn a stigh dha,

Chaidh soi theach de 'n ainm " A r i a n d e , " a bbris-teadh air sgeir faisg air Ingonish a sheachdain gus am Di-ciaduinn s'a chaidh, agus deichnear dhe na daoine bh'air bord a bhathadh. Bhuinneadh an soitheach do N o r w a y , agus bha i air a turus a Grianaig, an Alba , a' dol gu Bay V e r t e a dh'iarr­aidh luclid fiodha. Bha i ochd seaehdainean air a turus, agus cha do dh'eir ich sgiorradh sam bith dhi , gu Di-luain an 5nih latlia, nuair a thoisieh an stoirm. 'Sa mhaduinn Di-ciaduinn bhuail i air an sgeir agus chaid h i fodha, Bha da dhuine dheug air bord, agus eha d'fhuair as le 'm beatha ach dithis. Chaidh iad sin a sguabadh gu tir leis na tuinn. Bhuineadh an sgiobair agus a chuid bu mho dhiubhsan a chaidh a bhathadh eonihla ris, d o N o r w a y . Fhuaireadh cuirp an sgiobair a mheat agus aon dhe na seoladairean air a' chladach, agus chaidh an t iodhlacadh aig acarsaid T c Neill .

Bathap Tioram.

20 paidhir de bhrogan bhan, 65c am

paidhir.

Seall air Deiseachan fhirionach a tha

sinn a creic air $3.25.

Tha sinn a dol a sgrur a chreic Bath

air Tioram, agus creicidh

sinn na th' againn

gle shaor.

I l l A lao COIMICH & CO.

D. 1, lacFHIOMHAII, Fear-Tagraidh, Comhairliche, No-

tair, Etc.

Baile-Sheorais, E. P. I.

Ioseph A, lac&illios, 0.0., M, P, Fear-Tagraidh, Comhair­

liche, Notair, &c.

SIDNI, . . . 0. B.

Dr. G. T. Mac GILLE.A IN,

D O T A I R F H I A C A L ,

OIFIG : — Os cionn Stor Harrington,

SIDNI, C. B.

So a Mhie! Oiamar a tlia d' Uaireato?

Ma tha e am feum caraidh air doigh sam bith, thoir e gu

Rhodes & Gannon, SIDNI & SIDNI TUATH.

Cha chosg a ghlanadh aeh 75c, Main­spring, 75c. An da chuid,

$1.25.

Agus theid iad an urras air an obair.

A N CRANN TARA ^ (Am Fieri/ Cross. )

' D A I P E A R MIOSMIL A'K SON ALBANNAICH CAN-* ^ ADA, anus am bheil air a chlo-bhualadh Deal-lihan agns Beath-Eachdraidhean Gaidhei l Chanada; Eachdra idh nam Fineaehan agus dealbhan an snaicheantais; Ceol , Bardachd, asrus Sgeulachdan; agus sgriobhaidhean mu ioniadh ni eile. Pr is : —Sjpl-UO 'sabhliadhna, no sia miosan air son 50c Sgr iobh us cuir airgead gu T. D. MAODONALL

t. Catherine Street , Montreal ,

Page 6: SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OCTOBE17, 1896R . No. 15bata-smuide bha gu ar giula n Eilea ' Phrionnsa. Bha an latha briagh ciuin, agus 'nuair a tharruinn sinn a mach o'n laimhrig bha

n o JS& . A C - TALLA.

SGEULACHD.

Fionn an Tigh a' Bhlair-Bhuidhe gun Chomas Singh no Suidhe.

La dh' an robh Fionn Mac Cumhail's a' chuid eile de'n Fheinn anns a' bheinn-sheilg, dh'eirich cur a's cathadh;'s mu'n d' fhuair iad an t-sealg a chur cruinn,thainig an t-anmoch orra. Sgith, airtealath mar a bha iad, tliog iad orra gu tearnadh gu baile. Mar a bha iad ag gabhail air an aghart gu trom, athais-each, thainig iad air bothan fas am braighe glinne; agus ghabh iad gu tamh ann. Dh' fhadaidh iad teine 's chaidh na gillean air surd greidhidh; 's gus am biodh an t-eunbh-ruich ullamh, thdisich iad air iomairt nan corn's air seanachas mu 'n am bho shean. Chuir cuimhne air c.'iu an sinnsirean togail fothpa mar a b' abhaist; 's thuirt iad uile cruinn-c6mhluath, gu 'm b' e mo thruaighe duine no beathach a thigeadh a chur dragh air an Fheinn an oidhche sin; no a theann-adh ri tair a thoirt do dh' Fhionn. An teis-meadhoin na bruidhne so, thigear maigheach chaol, ruadh a stigh; agus, gun fhiamh, gun umhail, cuirear car no dha dh'i air a' chag-ailt, 's togar an luath mu na sparran; agus thugar amaclroirre. Ma thug cha deachaidh sin air mhithapadh dhaibhsan—thug iad daoidh-leum amach as a deaghaidh; ach chaidh iad 'n am brath-cheo cho mor le dorchadas a thainig orra, 's nach bu leir dhaibh a cheile. Lean Fionn's a dha ghille dhiag i, a' bhun 's a lorg, thar gualainn a' ghlinne, 's oha do chaill iad sealladh oirre gus 'n a leum i stigh aig sguid de thigh udlaidh a thachair orra aig bun sithein. 'D e an tigh o bha 'n so ach tigh "a' Bhlair-Bhuidhe," famhair a bha tighinn beo air tuirc nimhe 's air feoil dhaoine. Rachar a stigh, a's gabhar sgial ach cha d' fhuaras forfhais air a' mhaighich. Cha robh stigh ach a' bhean's i fuineadh: cha d' thainig am Blar-Buidhe dhachaidh as a' bheinn-sheilg. Thug i biadh a's deoch dhaibh, 's thuirt i gu'm b' fhearr dhaibh a nise bhi falbh mu 'n tiaeadh am Blar-Buidhe dhachaidh. Thuirt Fionn nach do theich iad romh dhuine riabh, agus nach deanadh iad toiseach de'n Bhlar; 's theann iad na b' fhaide stigh. Feith ri dheireadh, os' a bhean. Mar a b' fhior; cha d ; fhuair iad iad fhein a shocrachadh ach gann, tra a dh' fhairich iad stuirn-stairn aig an dorus; co bha 'n sid ach am Blar-Buidhe 's a chuid ghillean, 's torc-nimhe mor, fiaclach aigesan air a mhuin. Thug e crathadh beag mor air fhein a cur an t-sneachda dh' e 's chuir e crith fo 'n ursainn's fo shuidheachan an tighe' Tha mi faireachdainn failidh fharbhalach romham, a bhean, co so th' agad a nochd, os' am Blar. Dh' innis a bhean na h-aoidhean a thainig a choimheadachd oirrj bho 'n a dh' fhalbh e. Amach do ghillean, 'Fhinn, a thoirt na h-eallaiche dhiam os' am Blar. Cha d' thug Fionn an t-euradh do dhuine riabh, agus cuirear sianar amach dhiubh far an robh am Blar. Mu'n gann a

bha iad seach an stairsneach bhuail am Blar slat-na-druidheachd orra, 's bha iad 'nan colbh-chloiche; 's chuir e air taobh tuath an doruis iad a chur stad air a' ghaoith-dheath-aich. Dh' fhag e 'n sin iad; 's thug e fhein 's a ghillean a stigh an tore. Cha d' i'huirich iail ach ri robiadh lomaidh a thoirt air,'s chuir a' boean air e 's a choire-mhor—'na chlosaich mar a bha e. Mu 'n d' fhuair e ach goil a's leth-ghoil, sparr am Blar bior na feola ann, 's bha e aig air an urlar; 's gun tuille dalach shuidh e fhein's a ghillean mu 'n cuairt da. Gach cnaimh mar a chreidhmeadh iad, thilg-eadh iad sid gu Fionn's gu ghillean. B' »lc a' bhiatachd e, ach cha robh comas air. Bha Fionn 'n a thosd's 'n a chuimhne, 's b' ion da sin. An uair a bha 'n roic thairis, 's cha b' fhada h-uige, dh' iarr am Biar-Buidhe an t-ubhal oir a thoirt a nuas gus an oidhche fhada gheamhraidh a chur seachad air Fionn. Thug i nuas an t-ubhal 's thug i dha e. Thoisich iad air a cheile leis an ubhal, 's ma tbbisich,cha b' fhada gus 'n a cbuir am Blar as do 'n iomlan de ghillean Fhinn. Thuig am Blar nach deanadh e an gnothach air Fionn fhein leis an ubhal, ' thuirt e gu'm feumadh iad dol a ghleachri An dronaannan a cheile gabhar iad; aji, ged a bhiodh iad fhatbast ag gleachd, cha tugadh e glideachadh air Fionn. Tra chunnaic am Blar gu 'n do thachair a sheise ris, dh' iarr e air a mhnaoi a' ghreideai a chur air gus an rachadh casau Fhinn a gharadh, gur ciunte gu'n robh e fuar, 's an oidhche chruaidh reodhta bh' ann; 's dh' iidh iad uile mu Fhionn (sin tra a thuirt e, "cha duine duine 'n a 6nar"), agus sparr iad air a ghreideil e gus 'n a loisg a chasan gu ruig na sleisdean. Bha e nis gun chomas suidhe. Leig am Blar rochd gaire as, agus sparr e stob-na-feola ann; 's bha e 'n sin gun chomas eirigh no suidhe. Shaoil leis a Bhlar gu 'n robh e gun phlosg analach, 's thilg e seachad's a' chuil e. Cha robh Fionn riabh roimhe an gaile na bu mh6 na so, ach, an uair a bha e eadar an t-euradh's an aimbeairt,agus cuimh-nichear e gu'n robh corn-nam-fiubh aige, 's gu'n cluinnteadh e an coig choigean na h- Eireann. An uair a ghabh an tigh gu fois, mhagair e mach gu dubh-balbh-samhach gu mullach cnuic a's sheid e 'n cbrn tri uairean. Fad an ama so bha chuid eile de 'n Fheinn gu dubhach, deurach air toir Fhinn. Cha d' fhag iad cuii no cial gun sireadh, 's iarraidh-mhairbh aca air. Mu dheireadh thall, an uair a thug iad geill a's dubh-gheill, chuala Diarmad donn mac a pheathar an c6rn; 's ma chuala cha bu rabhadh gun fhreagairt. Bha fhios aige gur h-eiginn-bhais a bheiieadh air Fionu a sheideadh. Thuig e gu'n robh an gnothuch gu h-olc; 's thug e b6id a's briathar air a chlaidheamh nach rachadh biadh no deoch thair 'anail gus an coibhreadh e air brathair a mhathair. Thog e air, e fhein's a ghillean 's bu cham gach direach leotha thair chnoc a's shloc, 's ge b' fhada bhuapa e, cha b' fhada 'g a ruighinn iad. Fhuair iad Fionh

n' a dhe6iriiih truagh gun chomas eirigh na suidhe am fasgadh tuim, Dh' fharraid Diaruiad d' e ciod a dh' fhairich e. Is coma sin, osa Fiotin; 's dh' innis e dha gach car mar a thachair: mar a mharbh am Blar-B.uidhe na gillean, agus an droch ghiullachd a fhuair e fhein bhuaithe; 's chomhairlich e tilleadh dhachaidh mu'n eireadh an cleas ciadna dha—gu'n robh esan mar a bhitbeadh e co dhiubh. Bhoidich a's bhriathraich Diaruiad nach tilleadh e gus an d' thugadh e mach an aichmheil; 's gun tuilleadh a radh thug e tigh a' Bhlair-Bhuidhe air. Cha robh stigh ach a', bhean 's i fuinneadh. Thug i biadh a's deoch dhaibh 's ghabh i an sgial Dh' innis i dhaibh gu'n robh am Blar-Buidhj 's a bheinn-sheilg, :s gu 'm b' fhearr dhaibh a bhi falbh mu'n tigeadh e dhachaidh mu'n eireadh dhaibh mar a dh' eirich do Fhionn. A roghainn biodh dha, osa Diarmad, ach cha 'n fhalbh sinn gus an toir sinn a mach an aiehinhei); 's shuidh iad a stigh. Feith ri dheireadh ma ta, os' ise. Ciia robh iad ach goirid mar sin tra a dh' fhairich iad stuirn-stairn aig an dorus. Co bh' ann an sid ach am Blar's a ghibean, 's tore uimhe mor fiaclach aige air a nihuin. Thug e togail bheag uihor air fhain a chrathadh an t-sneachda dh' e, 's chuir e crith fo 'n ursainn 'a fo sluiidheacban an tighe. Ghlaodh e, "Tha mi faireaclidain failidh fharbhalach romham, a bhean, co so th' agad a nochd?" Dh' innis a bhean gu'n robh Diarmad 's a chuid ghiliean. " A mach dd ghillean, a Dhiarniaid a thoirt dhiam na h-eallaiche," os' am Blar. Leuin Diarmad e fhein amach; agus mu'n d' fhairich am Blar thall no bhos e mharbh e n darna letti dh' e ghillean 's ch'uir e turrach air thatrach iad air taobh cleas an doruis mu choinneamh gillean Fhinn. "Is ole an t-aoidh thu," os' am Blar. "A'l ur fhaic thu na's miosa na sid dhiam mu'u tig an latha, na bi gearan," osa. Diarmad; 's gun tuilleadh bruidhne thug ei stigh an tore. Ghreidh iad an tore gu math s gu ro mhath, 's ghabh e fhein's a ghilleaq an leoir dh' e. Gach cnaimh mar a lomadl lad thilgeadh iad sid do 'n Bhlar 's dh' i

hillean. "Is ole an t-aoidh thu, os' an Blar. "Mur fhaic thu na 's miosa na sil dhiam mu'n tig an latha, na bi gearan,'' o,a Diarmad; 's dh' iarr e an t-ubhal a thoirt a nuas gus an oidhche fhada gheamhraidh a chur seachad air a' MilaKfihuidhe. Tnuja' bhean a nuas an t-ubhal agus thoisich an. cleas. Air a' chiad tilgeadh a thug Dian/ad do 'n ubhal, mharbh e dithis de na bh air laimh dheis a' bhlair. "Is oic an t-Jhi i thu," os' am Blar. "Mur fhaic thu fia's miosa na sid diam mu'n tig an latha, k bi gearan," osa Diarmad. Thilg am B'vi air ais an t-ubhal ach cha d' rinn e dooiunu sa bith air gillinn ZHnarmaid. thug Z>iarmad an t-ath-thilgeadh do 'n ubjal s mharbh e dithis de na bh' air laimhfhiith a jMilair; agus mar sin gus 'n a m fur hi e 'm fear mu dheireadh dhiubh; '« am Bw gun aon tamh ag radii; "Is ole an t-aoici thu; agus amhuii sin Zharmad 'g a' fhiwrairt, "Mur fhaic thu na's miosa na sid dh,i.m ma

in tig an lath'u, bha iad suibh di

i gear.au. A.njuair a ith an u I (bail or̂ thutrt

Page 7: SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OCTOBE17, 1896R . No. 15bata-smuide bha gu ar giula n Eilea ' Phrionnsa. Bha an latha briagh ciuin, agus 'nuair a tharruinn sinn a mach o'n laimhrig bha

JS/LJlC - T A L L A . I l l

2?iarinad ris a i>hlar gu'm b' fhearr dhaibh dol a ehur cuir gleachd; 's ma chaidh, cha robh an gleachd fad air chumail an uair a bha am £\ax air claisneach a dhroma air leacan loma an urlair. "Is ole an t-aoidh thu," os am ittar, 's thug e cnead ghointe as. "Mur faic thu na Is miosa na sid diam mu 'n tig an latha na bi gearan," osa .Diaamad, 's dh' iarr e air a' mhnaoi a' ghreideal a chur air gus an rachadh casan a' iihlair a gharadh, gur cinnte gu'n robh e fuar an deigh tighinn dachaidh as a bheinn-sheilg. Chaidh a' ghreideal a dhianamh dearg; 's thug .Diarmad togail do 'n .Shlar, 's bha e sid 'n a sgug buidhe air a ghridil. "Oiteag, oit, oit" os' am A'lar. "Gabh air do sbocair e" osa Diarmad, creanaidh do chnaimhean buidhe air mu'n cobhair mis' ort," 's chum e air a' ghreideil e gus 'n a loisg a chasan gu bun nan sleisdean. Bha am Blar a nise gun ehomao suidhe agus ghrad-sparr Diarmad stob-na-feula ann, 's bha e 'n sin gun chomas eirigh no suidhe's thilg e air a shlisnich's a' chuil e.

Tra a bha iad seachd sgith de oiteagail a' Bhlair, rug Diarmad air sprogan air, 's thuirt e, "Am bas air do mhuin, a bhodaich, ciod e d' eiric? Am bas air do mhuin, a bhodaich, ciod e d' eric, a's tog dhinn brigh do chluith." "Oiteag, oit, oit," os' am Blar, cha'n 'ail a dh' eiric agamsa ach cuach-iocshlainta tha am bun na creige ud thall agus leighisidh i Fionn."

An uair a chuala Diarmad mu 'n chuaich, cha d' fhuirich e ri tuilleadh chumhlaidhean iarraidh—bu ro fhada leis a bha brathair a mhathar 'g a chuaradh aig bun an tuim, 's chaidh e do 'n uamha. Thugar a' chiad lamh air a' chuaich 's buailear leatha gu Fionn, 's ionnlaidear a chreuchdan leatha tri uairean. A ' chiad uair dh' fhas a chasan gu ruig na gluinean; an [darna h-uair dh' fhas iad gu ruig na h-aobruinn; 's an treas uair bha Fioni gun chron, gun chiothram, cho beo slan's a bha e riabh.

Rinn aon bhoiseag de dh' uisge na cuaiche geasan nan gillean a bhristeadh, 's thug e am Blar air. " A chulaidh-thruais," osa Diarmad ris, "Boidich nach imir thu tuill­eadh de gheasan no 'chleasan air an Fheinn.' Bh6idich am Blar sid a's ioma rud eile' bharrachd; 's thug Diarmad gu suairce dha fhein :s dh' a ghillean an diol a dh' uisge na cuaiche, 's ghabh iad an cead dh' e cheile. A dheanamh sgiala goirid d' e, lean a' chuach ris an Fheinn, a's dh' fhag mise aca i.—Revue Geltique, 1870.

A Antigonish A MHIC-TALLA GHEADHAICH.—Ged dh'-

eirich fiabhras Aonghais gu math ard air aon turus fhuair e thairis e agus tha e 'n diugh cho slan ri breac. Tha e gealltuinn gu'n cluiunear uaithe re a gheamhraidh bho uair gu uair

Tha "Comunn a' Fhraoich" lan shuidh-ichte airson obair na bliadhna so. Tha 'n Ceilidh agus an Class air a steidheachadh gu

mor thoileachadh gach mac Gaidheil a tha 'nar measg. Tha sinn a' cur romhainn deagh obair a dheanamh am bliadhna.

Na dheigh so bithidh paipeir againn co-cheangailte ris an oil-thigh, agus se 's ainm dha an Xaverian. Tha 'cheud aireamh air na stocan, agus tha duil aig na gaisgich a leigeil gu cuan an taobh a stigh de gheachduin.

A O N G H A S .

Oil-thigh Nmh. Francis Xavier, 14, 10, '96.

Aodaicho.an Deante dhe gach se6rsa, Adau Curraichdean, Leintean agus Brbgan, aig D J. Domhnullach. Tha a bris iseal.

McDonald Hanralian % Co, Tha sinn a' fosgladh stoc mor

de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach

A ALBA.

Thajar prisean iosal, agus tha 'm bathar dhe'n t-seorsa's

fhearr. A bharrachd air stoc mor d8 Bhathar Tior-am,tha sinn

a cumail

GACH SEORSA CEANNACHD.

M A C D O N A L D H A N R ^ H A N & Cci

Mai 4. '95;

0. P. MOOEE.

THA SINN A CREIC,

Paipear-tearra Tairnnean

Luaidhe Grlaine Glasan Tuaghannan Saibh 011a Sguabaichean Bucaidean Lainntearan Fudar

Sgeinein Siosaran Paipear-tubhaidh.

SAOR AIR SON AIRGID.

CARADH Uaireadaipean

Glanadh, Mainspring, An da chuid,

$0.50 .60

1.00

W. H. WATSON. | ^ Air an t seann Laraich.

Baddeck, C. B.

Tha so air a chumail do

Mall Mac Flieargliais, Taillear.

Ma tha aodach s dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.

Taghail aig Stor

t

MATHESON, TOWISEWD % 00.,

agus faic na tha aca do

M a t h r de gach seorsa aps e ri reic gu jaor.

Math ar uthcha tha 'nar beachd

A. J, (j, MacEachumn, Fear 'agraidh. Comhairliche

Notair, &c. Fear-ionaid aid chuirtean Nova Scotia

Quebec agas Newfoundland. SJDNI, - . . c.

Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Nojairean &c.

SIDNI, Ce B. CAILEAN SIOSAL. W . CBOWB>

Page 8: SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OCTOBE17, 1896R . No. 15bata-smuide bha gu ar giula n Eilea ' Phrionnsa. Bha an latha briagh ciuin, agus 'nuair a tharruinn sinn a mach o'n laimhrig bha

1 1 2 IMI-A-O - T A L L A .

Am Bal Gaidhealaeh.

LEIS A' BHARD MAC-GILLEAIN.

Beagan bhliadhnaichean 'an deaghaidh

do'n bhard tighinn do'n duthaich so, bha bal

aig na Gaidhil an tigh Dhaibhidh Mhurraidh

'am Merigomish. Cha'n fhaodadh duine 'bhi

aig a' bhal ach fear a labhradh Gaidhlig.

Fhuair am bard cuireadh. Phaidh e gu math

an luchd-cuiridh leir an bran so a sheinn aig

a bhal.

LUINNEAG

Bi th ibh a o t r o m ' s togaibh fonn, Cridheil sunndach gun 'bhi t rom, ' G 61 deoch slainte na bhei l thall, A n n an tlr nam b e a n n ' s nar gleanna.

Fhuair mi sgeula tha leam binn, Dh 'ura ich gleus air teud m o chinn, 'S b ldh mi nis a' dol g'a sheinn, Ged ' tha m i ' s a' choil l ' am fallaoh.

Bi th ibh ao t rom, <fcc.

Gur h-e'n sgeul a fhuair mi 'n drast, 'S a dhuisg m 'inntinn suas gu dan, 'Bni ga m iarraidh dh ' ionnsaidh 'bhail, ' T h ' aig na Gaidhil ttis an Earraich.

'Nuair a theid an Comunn cruinn, B idh iad slobhalta le l ionn, Cliuiteach, ciallach, fialaidh, grinn, 'S bheir iad caoimhneas d o dh-fhear-aineoil,

Nuai r a shuidheas iad mu'n bhord , Bheir iad tacan air an 6t, 'S fiodhall-theud bho 'n gleusar oeol , Cur nan oganaeh na'n deanuaibh.

Oha bhi sgrubaireachd mu 'n chlar, A n n an ouideachd ghasd ' m o ghraidh, A i g am bheiban inntinn ard, 'S nach gabh tamailt bho na Gallaibh.

Nuai i a theid an fhiodh' l l na ' tamh, Bheir iad treis air eainnt nam bard, 'Dhuisgeas fsnn neo-throm na'n oail, A n n s a' Ghaidhl ig is glan gearradh.

'Chanain ghasda, bhlasda, bhinn, 'S i 'bha'n cleaohdadh aig na suinn A dhearbh an gaiss ' 'am feachd an righ, 'S ioma t l r ' s an d ' thug iad deannal.

L u c h d nam breacan cha robh fann, Bha iad fuasgai l teach 's gach am; 'Nuair a ghlualseadh iad bho 'n champ ' Chuir te ' 'n r u a i g ' s bu teann an leanaohd.

'S ann ao' fhein tha 'n t-eideadh gr inn; Breaean-guaille, feileadh cuim, Osan gearr mu 'n chalpa chruinn, 'S boine id ghorm os cionn na mala.

Staillinn ghlas mar ealtainn giar, 'Chleachdadh anns na baitei l r iabh, Le is na gaisgieh nach tais fiamh, 'S nach b iodh riamalach gu tarrainn.

Bha iad firinneach gun fhoill , N ' a am dol l sios 'us p i o b ga 'seinn, Ruisg te ' brataichean ri croinn A i g na saighdearan nach mealladh.

'S b h o n a chinn sibh fein bho 'n dream, 'Dh'araicheadh fo pgeith nam beann, 'Bhuannaich anns an Eiphi t geall 'S a chuir Frangaich as an t-sealladh;

G e d tha sibh an tir nan craohh, Cuimhnichibh am beus, na laoich, Leoghainn bhorb , bu fhairge fraoch, 'S iad nach aomadh as a' charraid.

Ged tha sibh 'an Albainn Ur, Caithibh an oidhche le sumid, 'S an (leochjslainte thig air tiis Olaibh i gu grunnd gu fearail.

Olaibh air a Ghaidb.il threun, 'Rachadh acfhuinneach air ahleus, 'S a tha fuasgailteach gu feum, Sealgairean air feidh nam beanna.

Soiridh bhuam do'n t-sluagh a null, 'Tha's an tir 's an robh mi'n tus; 'S trie a dh' fheuch iad bat fo shiuil, 'S iad ga 'stiuireadh dh'ionnsuidh eala.

Bho'n nach ruig simi orra 'n drast, • Lion bho 'grunnd a' chuach, gu 'strac, 'S cuir mu'n cuairt i nuas gun dail, Ann an onoir aird nam i'eara

A. M'L, S.

STOE UR TAILLEARADHD.

A N N A N

Stor W. E. • Peters

Aodaichean Mathadhe g'aen seorsa. Gearradair air up-ionnsaehadh

ann an Sgoil g-hearpaidh Mhitehell, an New

York.

T M d sinn an nrras air an

MaeCoinnieh &; Co, Sidni, C. B.

HUll THEID THU 'BHADEEOK taghail an stop

ert I. Hart. Tha Stoc mop aige dhe na h uile seop-

sa bathair.

Batliar Tiarim, Batliar Oruaidli Amiilan, A o M c l i e a n , Oaiseart, Adan, CurraicMean, a p s

1 ni eile. An seopsa's fhearp's a' phpis a's isle.

A L B E R T I. H A R T .

Baddeck, Aug. 1, '90.

Ti, Smear, Amhlan, Milsean-an, &c.

Leabhraichean G-ailig dhe gaeh seorsa.

Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.

BADBECK, 0. B, JSafTha e na fhear-gnothuich do'n. M H A C - T A L L A ,

agus faodar pris a phaipe.u, agus ainmean lucbd-gabhail a thoirt dha.

D. A. HBARN. Fear-Tagraidh,Notair &c.&e.,

SIDNI, - - C.B.

f R E I C A O D A I C H • m A'S mo a chunnacas ann an Ceap Breatuinn riamh.

j j A TOISEACHADH DIORDAOIN, 1 Oct.

^ ' Tha mi 'n deigh stoc anabarrach mor de dh'

Aodaiehean Deante £ a cheannach bho na taighean a's fhearr an Canada, air pris cho iseal 's gun teid ft

S g a S a . m a i r aodaichean briagha ura, a fhreagras gu math dhuit a reic air pris nach jfljfc saoileadh tu,

Cho saor 'sa dh' iarradh tu.

^ Tha sinn an drasda trang a fosgladh a bhathair. Cnimhnich caite 'm blieil Wm sinn. Anns an stor a thp. 'n aon tigh ais a' Bhanca.

• D. J. D O M H N U L L A C H . m , ^ ^^4^4^^4^04^4^-4^4^4^4^^^^A^,A\AsyA^.A . ~< 6 A .A A A A A A^