Upload
dangthuan
View
225
Download
0
Embed Size (px)
Citation preview
Duais Foghlam Gàidhlig
Tha Duaisean Foghlam Gàidhlig a’ toirt aithne do sgoiltean is ionadan a tha air cultar agus àrainn bheothail agus adhartach de shìor ùr-ghnàthachadh a leasachadh.
Bu chòir don chultar agus don fheallsanachd a bhith ag adhartachadh spèis, miann-adhartais agus coileanadh ’s aig an aon àm a bhith a’ leasachadh bhuilean don h-uile neach-ionnsachaidh ann an dòighean a bhios a’ cur às do neo-cheartas.
Dè na dòighean anns a bheil feallsanachd an ionaid agaibh a’ leasachadh mothachadh air cànan agus cultar na Gàidhlig agus a’ toirt cothrom do dhaoine òga a bhith an sàs ann an dòigh ghnìomhach?
Dè an dòigh sa bheil coileanaidhean pearsanta co-cheangailte ri seo air an aithneachadh?
Ciamar a tha clann agus daoine òga a’ faighinn taic ann a bhith a’ leasachadh tuigse air dualchas, cànan agus cultar na Gàidhlig?
Ciamar a bhios an t-ionad agaibh ag obair gu h-èifeachdach le buidhnean Gàidhlig no le coimhearsnachdan Gàidhlig?
Ciamar a bhios coimhearsnachd an ionaid agaibh a’ co-roinn ionnsachadh le pàrantan agus coimhearsnachd na sgoile san fharsaingeachd?
Ciamar a bhios an t-ionad agaibh a’ co-cheangal na Gàidhlig ri rianachd dhreuchdail ann an dòigh a tha brìghmhor do dhaoine òga, a’ cur cudrom air a’ chomas a tha ann a thaobh sgilean airson obair?
Dè na cothroman a tha ann airson gnìomhan iomairt co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig?
Dè a’ bhuaidh a tha aig a bhith a’ leasachadh mothachadh air Gàidhlig air cloinn agus daoine òga, coimhearsnachd na sgoile air fad agus a’ choimhearsnachd san fharsaingeachd?
Ciamar a tha an t-ionad air na fèin-fhiosrachaidhean ’s na builean ’s an t-ionnsachadh eadar-chuspaireil a chleachdadh ann a bhith a’ leasachadh mothachadh air a’ Ghàidhlig san ionad agus sa choimhearsnachd san fharsaingeachd
An aithne dhuibh sgoil no ionad a b’ urrainn freagairt air an abairt a tha seo is air na ceistean a leanas? Mas aithne
carson nach ainmich sibh iad airson Duais Foghlam Gàidhlig?